Dhiùlt Urras a' BhBC làn-thaic a thoirt do phlanaichean airson Seirbhis Dhidseatach Ghàidhlig, gus an tig tuilleadh dearbhaidh gum bi i buanachdail.
Thuirt an t-Urras cuideachd gum feumar tuilleadh fianais air luach na seirbhis a thaobh foghlaim fhaicinn.
Dheadh an t-seirbhis a ruith an com-pàirteachas eadar BBC Alba agus Seirbhis nam Meadhanan Gàidhlig.
A rèir an Urrais, bhitheadh luach ann, ach feumar tuilleadh fiosrachaidh.
Gheibheadh an t-seirbhis - a ghabhadh a-steach telebhisein, rèidio agus an eadar-lìn - maoineachadh luach £18m bhon BhBC agus Seirbhis nam meadhanan Gàidhlig (SMG), agus dheadh 35 uairean a thìde de phrògraman Gàidhlig a chraoladh gach seachdain.
Chuireadh am BBC £2.5m a bharrachd na tha iad a' cosg mar tha air craoladh Gàidhlig ris a' mhaoineachadh.
Tha an t-Urras, a bhios a' cumail sùil air mar a chosgas am BBC airgead a' Chead-chraolaidh, den bheachd gum faodadh gum biodh luach poblach susbainteach an luib na seirbhis.
Co-chomhairleachadh Poblach
Ach, thuirt Urrasair Nàiseanta na h-Alba, Jeremy Peat, gun robh fiosrachadh mionaideach a dhìth air an tairgse a rinneadh.
Tha a-nis gu ruige deireadh na bliadhna aig a' BhBC agus SMG le chèile, gus tuilleadh fianais a thoirt seachad a thaobh nam buanachdan foghlamach agus eile a bhios an luib na seirbhis ùir, mus tig crìoch air a' cho-chomhairleachadh phoblach.
Thèid co-dhùnadh deireanach a dhèanamh san Fhaoilleach, ged a tha SMG, a th' air a mhaoineachadh leis an Riaghaltas, mar-thà air gealltainn gun cuir iad na planaichean an-sàs, fiù 's as aonais a' BhBC.
Na bu thràithe den mhìos seo, cho-dhùin Sgrùdadh Luach Phoblach gum feum an t-seirbhis barrachd a thabhainn dhan phobal, gus sealltainn gu bheil luach an airgid a dh'fheumas cosg air na luib.
^ Back to top | BBC Sport Home | BBC Homepage | Contact us | Help | ©