Skip to main content
BBC NEWS / HIGHLANDS AND ISLANDS
Graphics VersionBBC Sport Home
News Front Page | Africa | Americas | Asia-Pacific | Europe | Middle East | South Asia | UK | Business | Health | Science & Environment | Technology | Entertainment | Also in the news | Have Your Say |
UK Contents:  England | Northern Ireland | Scotland | Wales | UK Politics | Education | Magazine

Thursday, 23 August 2007, 14:39 GMT 15:39 UK

Sgoiltean Eileanach an Cunnart

Comhairle nan Eilean Siar Tha Comhairle nan Eilean Siar am beachd 11 sgoil a dhùnadh anns na sia bliadhna a tha romhainn.

A rèir na Comhairle chan eil roghainn eile aca, leis mar a tha an curriculum ag atharrachadh agus àireamh nan sgoiltearan air tuiteam.

Tha an naidheachd air nochdadh agus Rùnaire an Fhoghlaim, Fiona Hyslop, a' tadhal air Leòdhas.

Tha dùil gun cuir pàrantan ann an cuid de sgìrean an aghaidh nam planaichean agus gun dèan iad strì.

Conaltradh

'S e a tha a' Chomhairle ag iarraidh a dhèanamh, ceithir bun-sgoiltean a dhùnadh an ath-bhliadhna: Sgoil Bhaile na Creige ann am Barraigh, Sgoil Staoinebrig ann an Uibhist a Deas, Sgoil Chliasmoil anns na Hearadh, agus Sgoil Bhràgair ann an Leòdhas.

A bharrachd air an sin, tha iad airson cuir às do na h-àrd-sgoiltean beaga dà bhliadhna.

Tha seachd dhiubh ann: Àrd-sgoil Phaibil anns an Rubha, Leòdhas, agus Àrd-sgoil Dhalabroig ann an Uibhist a Deas a dhùnadh an ath-bhliadhna, Àrd-sgoil nan Loch ann an Leòdhas agus Àrd-sgoil Phaibil ann an Uibhist a Tuath a' bhliadhna as dèidh sin.

"Cha deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast""
Cathraiche an Fhoghlaim, Mòrag Rothach

An uair sin, dheadh Sgoil Shiaboist a dhùnadh, agus Sgoil Lìonail ann an 2012, agus Àrd-sgoil a' Bhac a' bhliadhna as dèidh sin.

Thuirt Cathraiche an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar, Mòrag Rothach, gun tèid na molaidhean a chur mu choinneimh nam ball Diluain (27/08/07).

"Cha deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast," thuirt i. "'S e na buill a nì an co-dhùnadh sin."

Thuirt i nach deadh co-dhùnadh deireannach a dhèanamh gus as dèidh co-chomhairle air a' chùis.

Tha an curriculum ag atharrachadh chun na h-ìre 's nach eil a' Chomhairle den bheachd gun tèid aca air a thoirt seachad anns na sgoiltean mar a tha iad.

A thaobh nam bun-sgoiltean dheth, thuirt an Comhairliche Rothach gun robh poileasaidh aig a' Chomhairle bho chionn bhliadhnaichean, a tha stèidhichte air àireamh na cloinne ann an sgoil, agus cho faisg 's a tha iad air an ath sgoil.

Àireamh fhalainn

Tha pàrantan draghail mu na planaichean ge-tà.

Thuirt Iain Tormod MacAmhlaigh à Bràgar, nach eil fhios aige carson a thathas a' beachdachadh an sgoil sa sgìre aigesan a dhùnadh.

"Anns na trì bliadhna mu dheireadh, tha seachdnar a' tòiseachadh a h-uile bliadhna as ùir. Tha àireamh glè fhalainn an sin."

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e nas fheàrr don chloinn, gu h-àraid aig an aois sin a bhith anns a' choimhearsnachd aca fhèin, 's tha sin aca an seo," thuirt Mgr MacAmhlaigh.

"Tha iad a' faighinn foghlam math dha-rìribh ann am bun-sgoil Bhràgair, 's chan eil fhios agam dè mar a bhiodh e na b'fheàrr na tha iad a' faighinn. Tha sinne gu math riaraichte co-dhiù."

"Ma tha sinn ag iarraidh a' Ghàidhlig a bhrosnachadh anns na sgoiltean, a bheil sin nas fhasa a dhèanamh anns a' choimhearsnachd fhèin no anns a' bhaile mhòr?"
Alasdair Ailean BPA

Thuirt Ball Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Ailean, gun robh dragh air mun bhuaidh a bhiodh aig a bhith a' dùnadh sgoiltean air coimhearsnachdan, agus air a' Ghàidhlig.

"Chaidh mise gu sgoil bheag, agus dhùin an sgoil sin, 's cha robh e math airson na coimhearsnachd."

"Ma tha sinn ag iarraidh a' Ghàidhlig a bhrosnachadh anns na sgoiltean, a bheil sin nas fhasa a dhèanamh anns a' choimhearsnachd fhèin no anns a' bhaile mhòr?"

Tha taic uabhasach làidir anns na h-Eileanan an Iar airson àrd-sgoiltean dà bhliadhna, agus bidh mise a' putadh air an son," thuirt Mgr Ailean.

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Fiona Hyslop, nach robh adhbhar ann nach ghabhadh an curriculum ùr a thoirt seachad anns na sgoiltean mar a tha iad, agus nach robh càil a chòir sin a chleachdadh mar leisgeul airson sgoiltean a dhùnadh.



E-mail this to a friend

RELATED INTERNET LINKS
Comhairle nan Eilean Siar (Beurla)
The BBC is not responsible for the content of external internet sites



SEARCH BBC NEWS: 

News Front Page | Africa | Americas | Asia-Pacific | Europe | Middle East | South Asia | UK | Business | Health | Science & Environment | Technology | Entertainment | Also in the news | Have Your Say |
UK Contents:  England | Northern Ireland | Scotland | Wales | UK Politics | Education | Magazine

NewsWatch | Notes | Contact us | About BBC News | Profiles | History

^ Back to top | BBC Sport Home | BBC Homepage | Contact us | Help | ©