Skip to main content
BBC NEWS / HIGHLANDS AND ISLANDS
Graphics VersionBBC Sport Home
News Front Page | Africa | Americas | Asia-Pacific | Europe | Middle East | South Asia | UK | Business | Health | Science & Environment | Technology | Entertainment | Also in the news | Have Your Say |
UK Contents:  England | Northern Ireland | Scotland | Wales | UK Politics | Education | Magazine

Thursday, 16 August 2007, 11:29 GMT 12:29 UK

Sgrùdadh an t-seanail Ghàidhlig

Làrach-lìn Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig Thòisich sgrùdadh deireannach air a' phlana airson na seirbheis telebhisein didseataich Ghàidhlig.

Thèid an t-seirbheis ùr a ruith mar chom-pàirteachas eadar BBC Alba agus Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.

Thòisich Urras a' BhBC deuchainn air luach phoblach a' phlana, agus tha an riaghaladair neo-eisimealach Ofcom a' sgrùdadh luach margaideach na seirbheis.

Thathar an dòchas gun tèid an t-seirbheis beò tràth an ath-bhliadhna.

Thuirt àrd-oifigear Chomann na Gàidhlig, Eardsaidh Mac 'Ill-Eathainn gur dòcha gun tòisich an t-seanail le dhà no trì uairean a thìde de phrògraman san là, a dheigheadh a leudachadh.

A' bruidhinn aig coinneamh naidheachd, thuirt Urrasair a' BhBC airson Alba, Jeremy Peat, nach eil barrantas sam bith ann aig an ìre seo gun tèid an t-seanail air adhart.

Thig fios air co-dhùnaidhean an sgrùdaidh air an 19mh den Dùbhlachd am bliadhna.




E-mail this to a friend
Related to this story:
Public value test for Gaelic TV (31 Jul 07 |  Highlands and Islands )
Boost for Gaelic digital channel (23 Mar 07 |  Scotland )
'Significant' spending on Gaelic (25 Aug 06 |  Highlands and Islands )
Gaelic festival returns to isles (14 Oct 05 |  Scotland )
MP hits out over Gaelic funding (20 Oct 04 |  Scotland )
Ministers unveil new Gaelic law (28 Sep 04 |  Scotland )
Prince backs Gaelic's fightback (27 Sep 04 |  Scotland )
Gaelic secondary school planned (21 May 04 |  Scotland )

RELATED INTERNET LINKS
Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (Gàidhlig)
Ofcom (Beurla)
Deuchainn luach phoblach Urrais a' BhBC (Beurla)
Telebhisean Didseatach (Beurla)
BBC Craoladh nan Gàidheal (Gàidhlig)
The BBC is not responsible for the content of external internet sites



SEARCH BBC NEWS: 

News Front Page | Africa | Americas | Asia-Pacific | Europe | Middle East | South Asia | UK | Business | Health | Science & Environment | Technology | Entertainment | Also in the news | Have Your Say |
UK Contents:  England | Northern Ireland | Scotland | Wales | UK Politics | Education | Magazine

NewsWatch | Notes | Contact us | About BBC News | Profiles | History

^ Back to top | BBC Sport Home | BBC Homepage | Contact us | Help | ©