Skip to main content
BBC NEWS / HIGHLANDS AND ISLANDS
Graphics VersionBBC Sport Home
News Front Page | Africa | Americas | Asia-Pacific | Europe | Middle East | South Asia | UK | Business | Health | Science & Environment | Technology | Entertainment | Also in the news | Have Your Say |
UK Contents:  England | Northern Ireland | Scotland | Wales | UK Politics | Education | Magazine

Tuesday, 5 June 2007, 16:50 GMT 17:50 UK

Creach Fearainn Bhatarsaigh 1906

Fear-naidheachd a' BhBC Teàrlach Quinnell a' toirt sùil air Creach Fearainn Bhatarsaigh bho chionn ceud bliadhna.

Thèid òraidean agus tursan gu Bhatarsaigh, Pabaigh agus Miùghlaigh a chumail air a' mhìos seo, mar phàirt de Bhliadhna Chultarail na Gàidhealtachd.

Dealbh: Comunn Eachdraidh Bharraidh agus Bhatarsaidh A' coimhead gu deas à mullach Hèabhail os cionn Bhagh a' Chaisteil, chithear eileanan uaine an Easbaig - Bhatarsaigh, Sanndraigh, Pabaigh, Miughlaigh agus Bearnaraigh.

Do dhaoine a' tadhal anns na h-eileanan, tha iad, air là brèagha sàmhraidh, nan tarraing, 's nan cothrom.

Nach e a bhiodh math dachaigh a bhith aca ann, air a chuairteachadh leis a' mhuir ghuirm àlainn ud, air falbh bho thrioblaidean an t-saoghail?

An diugh chan eil ach aon de na h-eileanan sin agus daoine a' fuireach ann.

'S e sin Bhatarsaigh, am fear as fhaisge air Barraigh, agus cabhsair a' sìneadh eatarra.

Bho chionn ceud bliadhna, cha b' e luchd-turais a bha a' coimhead 's a' faicinn cothrom tarraingeach anns na h-eileanan gu deas air Barraigh, ach daoine a choimhead gu tuath, bho cheann eile an t-seallaidh.

Bha ann an Eilean Mhiùghlaigh, mu 150 duine a' fuireach nuair a bu mhotha sluagh an eilein. Aig toiseach na 20mh linne, bha trioblaidean mòra aca.

Bha a' bheatha air fàs ro dhoirbh dhaibh, agus do mhuinntir nan eileanan beaga eile.

Na Fuadaichean

Eileanan an Easbaig

Ri linn nam fuadaichean ann am Barraigh, 's ann a dh'fhàs sluagh Eileannan an Easbaig, agus daoine a' taghadh a bhith a' tuinneachadh an sin, seach eilthireachd. Bha an sluagh ann am Miùghlaigh a' fàs ro mhòr airson na bh' ann de dh'fhearann.

Ann an 1897, bhàthadh fireannaich eilein Phabaigh air fad, nuair a chuir am bàta aca car gu deas air Bearnaraigh. Bha na trioblaidean an cois bhàtaichean beaga, agus eileanan gun lamraig earbsach a' tighinn gu follais.

Bha coimhearsnachd Mhiùghlaigh air tagradh a dhèanamh airson cidhe a thogail san eilean, leis cho doirbh 's a bha e na bàtaichean aca a tharraing suas an tràigh, agus iasgach na bhun-stèidh dhan eaconamaidh aca.

Ann a 1901, fhuair iad crann, nach do dh'obraich ceart, an àite cidhe.

Bha sùilean cuid san eilean a' coimhead gu tuath, gu ruige eilein thorraich Bhatarsaigh.

B' ann mar aon tac a bha an t-eilean sin ga obrachadh, fon uachdaran, A' Bhean-uasal Ghòrdan Cathcart - tè nach do thadhal ach aon turas anns na h-eileanan rè nan 54 bliadhnaichean a bha iad aice.

Do na daoine a bha as aonais fearainn, no feumach air àite còmhnaidh dòigheil, bha an t-eilean, le a acarsaidean fasgach, air leth.

Creach Fearainn

San Iuchair 1906, ghabh daoine à Barraigh aig nach robh fearann, no fiù 's cead taigh ceart a thogail bhon uachdrann, talamh ann am Bhatarsaigh.

Tha cuid air a ràdh gun robh iad a' tarraing air seann lagh - a tha a' nochdadh ann an seann tràchdasan lagha na h-Èireann - leis am faigheadh daoine sealbh air fearann nan togadh iad bothan agus nan lasadh iad teine, taobh a-staigh là.

Co-dhiù a bheil sin ceart no ceàrr, 's e sin a rinn iad, agus cha b' fhada gus an do rinn daoine eile à Barraigh agus Eileanan an Easbaig an dearbh rud.

Thug a' Bhean-uasal Ghòrdan Cathcart gu lagh iad, ach thuirt am britheamh nach robh i air a dleastanasan mar uachdaran a choileanadh.

Thuirt e gun robh i air a bhith coma-co-dhiù mu fheumalachdan nan cotaran - daoine gun fhearann - 's gur beag an t-iongnadh gun do rinn iad na rinn iad.

Chaidh ceist nan Creachadairean a thogail ann an Westminster, ach a dh'aindeoin sin agus mòran taic bhon phobal, chaidh dà mhìos prìosain a chuir orra.

Ann an 1909 ge-tà, cheannaich an Congested Districts Board Eilean Bhatarsaigh, 's rinn iad 58 croitean ann, do dhaoine aig nach robh fearann.

Bhatarsaigh

Ann an 1912, dh'fhàg na daoine mu dheireadh ann am Miùghlaigh an dachaighean, 's chaidh iad a dh'fhuireach a Bhatarsaigh.

Ceud Bliadhna

An-diugh, tha sliochd an fheadhainn a theann air Bhatarsaigh fhathast san eilean, agus cabhsair a-nis aca tarsainn a' Chaolais a Bharraigh, a chaidh a thogail gus an dearbh shuidheachadh 's a bh' ann am Miùghlaigh a sheachnadh.

Theid eachdraidh na creiche innse le fear a th' air mòran rannsachaidh a dhèanamh air, ann am Bagh a' Chaisteil air an 8mh - 9mh là den Ògmhios.

Bidh Ben Buxton agus Calum MacNèill a' toirt seachad òraidean ann an ionad Dualchas, aig Comann Eachdraidh Bharraigh agus Bhatarsaigh.

Bidh cuideachd turas a Bhatarsaigh, agus turas bàta ann gu Eilean Phabaigh, agus a Mhiùghlaigh, a' comharrachadh 100 bliadhna bho ghabh a' chreach fearainn àite.



E-mail this to a friend

RELATED INTERNET LINKS
Comunn Eachdraidh Bharraidh agus Bhatarsaidh (Beurla)
Gàidhealtachd 2007
The BBC is not responsible for the content of external internet sites



SEARCH BBC NEWS: 

News Front Page | Africa | Americas | Asia-Pacific | Europe | Middle East | South Asia | UK | Business | Health | Science & Environment | Technology | Entertainment | Also in the news | Have Your Say |
UK Contents:  England | Northern Ireland | Scotland | Wales | UK Politics | Education | Magazine

NewsWatch | Notes | Contact us | About BBC News | Profiles | History

^ Back to top | BBC Sport Home | BBC Homepage | Contact us | Help | ©