BBC News
watch One-Minute World News
Last Updated: Tuesday, 9 October 2007, 15:10 GMT 16:10 UK
Marina aig caladh Steòrnabhaigh
Yachts
Dheigheadh am marina ùr a chleachadh le soitheachan nas motha
Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil iarrtas ann airson goireasan ùr, a chosgadh mu £2m, aig caladh Steòrnabhaigh.

Mhol e gun deigheadh 40 àite-ceangal a thogail, a dheigheadh an cleachdadh le soithichean suas gu 15m (49tr).

Fhuair an rannsachadh taic airgid bho Ùghdarras Port Steòrnabhaigh, Comhairle nan Eilean Siar agus HIE Innse Gall.

Chaidh an rannsachadh a dhèanamh le Land Use Consultants, Ekos Ltd agus Mott Macdonald.

Thuirt Ceannard Caladh Steòrnabhaigh, an Captainn Torcuil Macleòid, gur e pròiseact tarraingeach a bh' ann:

"Tha taobh siar na h-Alba aithnichte mar fhear de na h-àitean as fheàrr anns a' Roinn Eòrpa airson seòladh agus bheir an leasachadh seo cothrom do chaladh Steòrnabhaigh barrachd bhàtaichean-siùil a thaladh a-steach."

"Tha àrdachadh a' tighinn gach bliadhna air na tha de bhàtaichean-siùil a' tighinn do na h-eileanan agus bidh e comasach dèiligeadh ri feadhainn nas motha ma thèid an caladh a leasachadh".

RELATED INTERNET LINKS
The BBC is not responsible for the content of external internet sites



FEATURES, VIEWS, ANALYSIS
Murdered Chechen activist's last investigation
Could climate change be good news for dry areas?
Why Americans could lead again

PRODUCTS & SERVICES

Americas Africa Europe Middle East South Asia Asia Pacific