BBC News
watch One-Minute World News
Last Updated: Wednesday, 3 October 2007, 16:15 GMT 17:15 UK
Connspaid mu fhilm Gàidhlig
Dealbh bhon fhilm Seachd: The Inaccesible Pinnacle. Dealbh bho làrach-lìn an fhlim
Dealbh bhon fhilm Seachd: The Inaccesible Pinnacle.
Tha riochdaire film air a' bhuidheann BAFTA fhàgail seach gun tuirt iad nach tèid am film Gàidhlig aige a chur air adhart airson Oscair.

Tha Crìsdean Young, a rugadh ann an Dùn Èideann, feargach nach eil Seachd: The Inaccessible Pinnacle air ainmeachadh ann an roinn nan cànainean cèine.

Thuirt e gun robh a' bhreith aca "gu follaiseach an aghaidh na Gàidhlig".

Tha am film ag innse sgeulachd bhalaich 's e a' lorg na fìrinn air cùl "sgeulachdan eagalach" a sheanair.

Chaidh seallaidhean an fhilm a tharraing air a' Chuillthionn, san Eilean Sgitheanach.

Dh'innis Mgr Young do BhBC Alba nach d'fhuair e mìneachadh sam bith den adhbhar nach deach am film a chur air adhart.

Thuirt e: "Tha mi a' smaointinn gu bheil e gu follaiseach an aghaidh na Gàidhlig. Tha a' bhreith air a dèanamh an aghaidh filmichean nach eil anns a' Bheurla."

THE INACCESSIBLE PINNACLE
'S e colbh dìreach cloiche a th' ann, a dh'èireas os cionn Sguirr Dheirg a tha 986m (3,234tr).
Ann an Seachd, thèid beatha bhalaich òig a ghoid leis a sheanair a tha a' bàsachadh, a' toirt an duine òig don Bhinnean.
Thathar a' creidsinn gur e Sgurr Dearg fear de na slighean as cunnartaiche san Eilean Sgitheanach.

Lean Mgr Young: "Tha mi a' smaointinn gu bheil di-tuigse mòr ann. Tha mi a' smaointinn gur e breith aineolach a th'ann".

Thuirt an riochdaire gun tug ainmeachadh airson Oscar cuideachadh do dh'fhilmichean eile ann an cànainean cèine - leithid Ten Canoes agus Apocalypto - a thaobh a bhith a' tarraing luchd-amharc.

Thuirt stiùiriche Seachd - a' chiad fhilm làn-fhaid anns a' Ghàidhlig - Sìm Miller, gun robh e air fhàgail balbh as dèidh mar nach deach am film ainmeachadh.

Thuirt e: "Tha sinn air gu leòr deagh lèirmheasan fhaighinn airson dearbhadh gu bheil sinn air ìre ruigsinn, agus shaoileadh tu gum biodh e freagarrach gu leòr am film a chur air adhart."

Thuirt BAFTA gun robh fo-chomataidh de bhuill na comataidh film aca air na filmichean airson roinn nan cànainean cèine fhaicinn agus tha iad air co-dhùnadh nach bi iad a' cur an fhilm air adhart.

Thuirt an aithris: "As dèidh iarrtas bho riochdaire an fhilm Seachd fhèin, dh'fhosgail a' chomataidh fhilm a' chùis seo a-rithist agus rinn iad deasbad fada mu dheidhinn ach chuir iad romhpa nach cur iad am film air adhart."



RELATED INTERNET LINKS
The BBC is not responsible for the content of external internet sites



FEATURES, VIEWS, ANALYSIS
Why Auschwitz's Arbeit Macht Frei is irreplaceable
The best pictures from around the world this week
Passengers tell of ordeal trapped on Eurostar trains

PRODUCTS & SERVICES

Americas Africa Europe Middle East South Asia Asia Pacific