Teàrlach Quinnell
BBC Gàidhlig
|
Na 'dannsairean dìreach' Fraingeach, Retouramont, ann an Hiort
|
Thèid eachdraidh Hiort a thaisbeanadh mar opara ann an sia àiteachan air feadh na Roinn Eòrpa.
Chosg a' phroiseact gus Hiort - Opara Eòrpach £1.5m a chuir air dòigh, agus thèid a thaisbeanadh ann an Innse Gall, san Fhraing, sa Bheilg, sa Ghearmailt agus san Ostar Dihaoine is Disathairne.
Thèid ìomhaighean a chraoladh do na h-àiteachan air saideal rè nan taisbeanaidhean.
Dh'fhalbh buidheann a Hiort - 41 mìle an Iar air Beinn nam Faodhla - air bàta aig toiseach na seachdain, airson a bhith cinnteach gun leigeadh an aimsir leotha an t-eilean a ruigsinn ron deireadh sheachdain seo.
Thèid an opara a chraoladh beò air-loidhne air BBC Alba eadar 2020 agus 2145 BST Dihaoine.
Thuirt co-àrd-riochdaire agus co-stiùiriche cruthachail a' phròiseict Calum Mac Gill-Èain gun deach na cosgaisean a chàineadh.
Ach, thuirt e gur ann bhon Roinn Eòrpa a thàinig 80% dheth, agus tha e a' creidsinn gu bheil sin na dhearbhadh air cho cudromach 's a tha an opara seo a rèir a' Choimisein Eòrpaich.
 |
MUINNTIR AN OPARA
'S ann air smuain Lew Bogdan, stiùiriche Le Phénix ann am Valenciennes san Fhraing, a chaidh a stèidheachadh.
Tha Proiseact Nan Ealan air stiùir a' phròiseict
Chaidh a sgrìobhadh le Iain Finlay Macleod agus b' iad Jean-Paul Dessy agus David Graham a rinn an ceòl
|
'S e an aon sgriopt, sgòr chiùil, libretto agus film a thèid a chleachdadh anns gach ionad.
Anns an fhilm tha pìosan de dhràma a chaidh a tharraing ann an Hiort, seann fhilm, agus taisbeanadh 'dannsadh dìreach' - balet a chaidh a dhèanamh crochte air ròpaichean far chreagan Hiort an-uiridh - leis a' bhuidhein Fhraingich Retouramont.
A bharrachd air Hiort, 's ann an Steòrnabhagh a rinneadh a' chuid as motha den obair.
'S e Stiùidio Alba sa bhaile fear de na sia ionadan taisbeanaidh.
Thuirt Mgr Mac Gill-Èain: "'S e pròiseact mòr a tha seo, anns a bheil còrr is 300 duine an-sàs.
"Chan ann am baile mòr a thathar ga dhèanamh. Ma tha rud a dhìth, chan urrainn dhuinn dìreach am fòn a thogail agus iarraidh air tacsaidh a thoirt dhuinn bho theatar eile.
"'S ann air eilean a tha seo ga chuir ri chèile."
 |
HIORT
Dh'fhàg na daoine mu dheireadh a bhuinneadh do Hiort an t-eilean ann an 1930
'S ann le Urras Nàiseanta na h-Alba a tha na h-eileanan
Tha creagan Hiort cudromach do dh'eòin-mhara leithid am Fulmair, an Creachadair agus an Sùlaire
|
'S e dìleab fhàgail a tha fa-near don fheadhainn a tha an-sàs san opara, le làrach-lìn, DVD agus pasgan foghlaim gan cruthachadh.
Ach cuideachd, tha teans gun cuidich am pròiseact na h-oidhirpean a thathar a' dèanamh gus blàthachadh na Cruinne a thuigsinn agus a shabaid.
Chaidh film a tharraing ann an Hiort fad na bliadhna an-uiridh, a ghabhas sealltainn nas luaithe na thachair e an da-rìreabh, 's chaidh ìomhaighean de shìde annasach a thogail.
Thuirt Mgr Mac Gill-Èain: "Tha na h-ìomhaighean mìorbhaileach dha-rìreabh.
"Bhiodh na pàtranan cheòthaidh agus sgothan seo na bu choltaiche ann an obair Tholkien, agus thathar a' gabhail ris gur e blàthachadh na Cruinne as coireach.
"Air a' mhadainn a bha seo, bha sgleò cheathaich shìos air a' mhuir, agus sgleò eile nas àirde air an eilean."