BBC News
watch One-Minute World News
Last Updated: Wednesday, 20 June 2007, 13:57 GMT 14:57 UK
Hiort: Pàrras nan Eun
Hiort
Thàinig an saoghal a-muigh a choimhead air Hiort
Tha tarraing aig Hiort air daoine bho air feadh an t-saoghail.

Tha cuid a smaoinicheas air an eilean mar nàdar de phàrras iomallach, le sluagh a bha mar aon, deamocratach, le dùchas fada arsaidh a bhith ann, agus cuid eile, a tha ga ghabhail mar àite brèagha sìtheil, a th' air a shàbhaladh dhuinn bho eachdraidh.

Tha eachdraidh Hiort a' sealltainn gun robh e mar a bha mòran de dh'eileanan beaga Innse Gall nuair a bha daoine a' fuireach annta, le chuid thrioblaidean agus de thoileachas.

'S dòcha gur e an t-eisimpleir as fheàrr de mar a bha an sluagh fosgailte do chunnart a th' ann an sgeulachd nach chualar gu tric, agus a thachair ann an 1726.

Nuair a thadhal an Sgìtheanach Màrtainn Mac 'ille Mhàrtainn air Hiort ann an 1697, dh'fhoillsich e na chunnaic e anns an leabhar ainmeil 'A Late Voyage to St Kilda.'

Feusagan

Am measg na sgrìobh e, bha nach tigeadh feusagan air na fireannaich gus an robh iad 30 bliadhna a dh'aois no mar sin, 's nach robh iad an uair sin ach gu math tana.

Mothaichidh duine sam bith a th' air dealbh fhaicinn de na Hiortaich do cho mòr is tiugh 's a bha feusagan nam fireannach anns an 19mh linn. Ciamar a dh'atharraich sin ma-tha?

Ann an 1726, dh'fhalbh fireannach à Hiort a thadhal air na Hearadh, ach cha b' esan a thill dhachaigh.

Agus e ann, ghabh e am breac, agus 's ann anns na Hearadh a tha e fhathast.

As dèidh dha bàsachadh, chaidh aodach a chuir air ais a Hiort, mar rud prìseil a ghabhadh cleachdadh fhathast.

Boigheireigh
Cha chuala sinn mu bheachd nan Hiortach air an luchd-turais

An ath-thuras a thadhail am bàilidh air Hiort gus am màl a thogail, sheòl an soitheach aige seachad air Stac Lì, faisg air Boigheireigh, mu cheithir mìle gu tuath air Hiort fhèin.

Thog e triùir fhireannach agus ochdnar balach a chaidh dhan stac a shealg eun. Bha iad air a bhith ann naoi mìosan, a' feitheamh air a' bhàta Hiortach.

As dèidh dhaibh cho fada a chuir seachad air creag chas sa chuan, thill iad do na dachaighean aca, far an do lorg iad aon inbheach, agus ochd duine cloinne deug fhathast beò, agus am breac air cha-mhòr 200 duine den t-sluagh dùthchasach a mharbhadh.

Bha màl Hiort luachmhor don uachdaran, MacLeòid Dhùn Bheagain, a gheibheadh £85 Albannach (£7 Sterling) gach bliadhna bhon stiùbhart, a thogadh sin ann an itean, feòil, eòin mhara, agus uidhir de chàis is de dh'ìm a ghabhadh toirt dha leis an t-sluagh.

Ath-thuinneachadh

Cha robh MacLeòid deònach leigeil leis a' mhàl sin sguir, agus chuir e tuilleadh dhaoine, Sgitheanaich as motha, ach cuid às na Hearadh cuideachd, a dh'fhuireach ann an Hiort.

'S ann mar sin a nochd na h-ainmean aithnichte ann an Hiort: Dòmhnallach, Fearghastan, MacCriomain, Mac Fhionnghainn, MacLeòid, MacCuithinn, Mac Gill-Ìosa agus Moireasdan.

Dh'ionnsaich na daoine ùra seo dòighean sealg nan eun bhon dream a bh' air fhàgail den t-sluagh, agus b' e an sliochd-sa a bha san eilean bhon uair sin a-mach.

'S iomadh rud a dh'èirich dhaibh. Ann an 1746, fichead bliadhna as dèidh don Hiortach dèanamh air na Hearadh, thàinig tri soithichean cogaidh a Hiort agus iad air chluinntinn gun robh am Prionnsa Teàrlach san eilean, agus e am badeigin air taobh siar na Gàidhealtachd as dèidh Chul Lodair.

Nuair a lorg an airm na Hiortaich agus iad am falach anns na creagan shuas os-cionn a' bhaile, thuirt iad nach cuala iad dad mun ar-a-mach.

Dh'fhaighnich iad an robh e fìor gun robh trod mòr air a bhith a' dol eadar an Rìgh Deòrsa agus Ban-Ìmpearair na Ruis.

Turasachd

Anns an 19mh linn, thòisich sreath de luchd-turais a' tadhal air Hiort, a' toirt leotha beachdan airson an t-àite a leasachadh, agus dh'fhàs na Hiortaich nas eisimeile air an t-saoghal a-muigh.

Anns na 1850an, dh'imthirich 42 Hiortach a dh'Astràilia, agus an dàrna leth dhiubh a' bàsachadh air an t-slighe.

Suas gu deireadh an deicheid sin, bha taighean an eilein riamh air an togail le rudan a bha ri làimh ann an Hiort. Ballachan cloiche, agus mullaichean tughaidh, no feòir.

B' e fear de na 'leasachaidhean' a thàinig bhon t-saoghal a-muigh, 16 taighean ùra a chaidh a thogail sa bhaile, ann an 1860.

Bha na taighean seo fuar, agus b'fheudar dhaibh gual a cheannach a-staigh, agus iarrtas ro-mhòr air a' mhòine san eilean gus na taighean a theasachadh.

Cuideachd, cha ghabhadh an càradh le stuthan san eilean fhèin, a' fàgail gun robh na daoine a' coimhead a-mach à Hiort airson rudan a bha riatannach don bheatha aca, airson a' chiad uair riamh.

Ri linn an luchd-turais, chuala an saoghal mun 'Phàrlamaid Hiortach,' far an do chuir fireannaich an eilein rompa obraichean a dhèanamh gach madainn, agus mu adhbrainnean nan Hiortach, a bha nas tiugha na aig daoine eile, an dèidh mar a dh'atharraich an cuirp air sgàth uiread de shreap.

Cha chuala sinn mu bheachd nan Hiortach air an luchd-turais.

Iomallach?

Bha geamhradh 1929 gu math cruaidh anns an eilean, agus bhàsaich cuid de na bh' air fhàgail den t-sluagh, an dèidh do mhòran dhiubh an t-eilean fhàgail, air an tarraing chun nam bailtean mòra anns an t-saoghal a-muigh, agus don t-saoghal ùr.

Cha do chreid iad riamh roimhe gur ann iomallach a bha Hiort. 'S e meadhan an t-saoghail a bh' ann dhaibh, gus an tàinig an t-saoghal a choimhead orra.

Sgrìobh muinntir an eilein - 36 duine aig an ìre seo - don Riaghaltas, ag iarraidh orra an toirt gu tìr-mòr, agus chaidh an t-eilean fhàsachadh ann an 1930.

An-diugh, 's ann an sealbh Urras Nàiseanta na h-Alba a tha Hiort, le inbhe mar Làrach Dhualchais na Cruinne, fo dhìon aig ìre eadar-nàiseanta.




RELATED INTERNET LINKS
The BBC is not responsible for the content of external internet sites



FEATURES, VIEWS, ANALYSIS
A unique exercise - how to dismantle a nuclear bomb
Why judge drama failed to ignite at Senate hearing
What made tycoon Trump so unhappy this week?

PRODUCTS & SERVICES

Americas Africa Europe Middle East South Asia Asia Pacific