BBC News
watch One-Minute World News
Last Updated: Wednesday, 20 June 2007, 14:01 GMT 15:01 UK
Mac-talla nan Eun
Teàrlach Quinnell
BBC Gàidhlig

Ullachaidhean ann an Düsseldorf. Dealbh Andre Loessel
Opara Hiort ann an Düsseldorf sa Ghearmailt
Feasgar san Ògmhios, bha mi a' coiseachd tro bhaile Düsseldorf, air bruthach abhainn mhòir na Rìne sa Ghearmailt, a' dol a dh'fhaicinn ullachadh opara.

Bha daoine nan suidhe ag ithe 's ag òl air càbhsair na sràide, agus toit tombaca ag èirigh tro na craobhan.

Nuair a chaidh mi timcheall oisean, a' feuchainn ri choimhead tron toit, stad mi mu choinneamh bhùird sannasachd.

An e gun robh an toit a' fàgail mo fhradhairc fann, agus e na annas dhomh, no an i Gàidhlig a bha sin sgrìobhte shuas?

'Hiort - Mac-Talla nan Eun,' bha e ag ràdh, agus fodha, 'Insel der Vogelmenschen,' agus 'L'ile des Hommes Oiseax.'

Ged a bha fhios agam mun ghnothach, chuir am bòrd seo stad orm.

Nuair a thèid Gàidheal a-null thairis, chan eil e an-dùil coinneachadh ris a' Ghàidhlig ann, ach 's e sin a bha fa-near dhomh agus mi a' dol a dh'fhaicinn an opara a bha seo.

Opara a thèid a shealltainn ann an còig dùthchannan na Roinn Eòrpa, agus Gàidhlig ann.

Nuair a chaidh mi tron doras-tionndaidh ann am balla àrd gloinne, chunnaic mi e: daoine a' streap sìos ròpaichean bhon mhullach, a' seinn sa Ghàidhlig, agus a' bruidhinn sa Ghearmailtis mu dheidhinn Hiort.

Agus mi ann, bha an dearbh rud ga dhèanamh san Ostar, sa Bheilg, san Fhraing, agus ann an Steòrnabhagh.

Retouramont. Dealbh Brian Hill
Cuideachd anns a' film, tha taisbeanadh le buidhean de 'dhannsairean dìreach' à Paras, air a bheil Retouramont, a' crochadh air ròpaichean far chreagan Hiort, a' dèanamh balet

Bha a' Ghàidhlig a' gabhail pàirt chudromach ann am pròiseact ealainn Eòrpach.

Thèid eachdraidh an eilein innse mu choinneamh sgrìn air am faicear film a chaidh a dhèanamh ann an Hiort, le Anna Mhoireach a' seinn sa Ghàidhlig, agus i mar phàirt de sgeul ghaoil eadar dithis Hiortach, a bhios air chùlaibh an opara.

Cuideachd anns a' film, tha taisbeanadh le buidhean de 'dhannsairean dìreach' à Paras, air a bheil Retouramont, a' crochadh air ròpaichean far chreagan Hiort, a' dèanamh balet.

Thèid na h-àiteachan seo anns na còig dùthchannan a cheangail ri chèile ann an craoladh, agus an opara ga chluich annta aig an aon àm, le ceangal beò à Hiort fhèin, agus à Steòrnabhagh, ris a' chòrr.

Cha leigear leas ach coimhead taobh a-muigh an togallaich seo, a tha ri taobh seann chala Dhüsseldorf, airson faicinn nach bu chòir iongnadh a ghabhail ron leithid.

Chithear soithichean à iomadh dùthaich a' seòladh ris agus leis an abhainn. Tha iad cleachdte ri measgachadh de chultaran an seo, agus a' gabhail ris a' Ghàidhlig agus ris a' chultar Ghàidhealach mar phàirt den mheasgachadh sin.

Tha ùidh mhòr aig mòran sa Ghearmailt agus ann an dùthchannan eile san Roinn Eòrpa anns a' Ghàidhlig, agus cùisean Ceilteach san fhàrsainneachd.

Anns a' bhaile san Ostar far an tèid an opara a shealltainn, lorgadh mòran stuthan arceòlach bho chultar Cheilteach.

Leis mar a dh'fhàg na Hiortaich an eilean ann an 1930, chìthear tobhtaichean air feadh an eilein, 's tha e furasta ceangal fhaicinn don fheadhainn aig a bheil ùidh ann an cùisean Ceilteach.

Tha an opara seo na dhearbhadh - ma tha a leithid a dhìth - air àite na Gàidhlig ann an Eòrpa an là an-diugh. Cànan eadar-nàiseanta

Bha cultar Ceilteach ann an cuid de sgìrean na Gearmailt, agus air feadh na Frainge uair, agus b' e luchd-acadadaimigeach na Gearmailt a rinn mòran den rannsachadh air eachdraidh nan cànanan Ceilteach.

Gu dearbha, b' e an Gearmailteach Werner Kissling a rinn a' chiad fhilm anns an robh Gàidhlig - Eriskay: A Poem of Remote Lives - ann an 1934.

Tha an opara seo na dhearbhadh - ma tha a leithid a dhìth - air àite na Gàidhlig ann an Eòrpa an là an-diugh. Cànan eadar-nàiseanta.

Thèid prìomh oidhche an opara - Hiort: Mac-Talla nan Eun - a chumail air 22 an t-Ògmhios, agus buidhnean de chleasaichean anns na còig àiteachan ag innse na sgeòil san dòigh aca fhèin, stèidhichte air an aon libretto, a chaidh a sgrìobhadh le Iain Fionnlagh MacLeòid.




FEATURES, VIEWS, ANALYSIS
Murdered Chechen activist's last investigation
Eye-catching images from around the world
Reputation of Brazil's politicians takes new dive

PRODUCTS & SERVICES

Americas Africa Europe Middle East South Asia Asia Pacific