BBC News
watch One-Minute World News
Last Updated: Tuesday, 5 June 2007, 11:24 GMT 12:24 UK
Sgrìobh sgeulachd: farpais ur
Sgrìobhadair
Tha an fhàrpais fosgailte do shean is òg
Tha am BBC agus Comhairle nan Leabhraichean a' cur fàrpais air chois do chloinn agus inbhich, airson sgeulachdan ùra Gàidhlig.

'S ann ag amas air sgeulachdan às a' mhac-meanmna a tha an fharpais, a bhios a' ruith suas dhan t-Sultainn.

'S dòcha gu bheil sibh air mòran a sgrìobhadh, no nach do thog sibh peann a-riamh.

Thèid an fheadhainn a bhuanaich fhoillseachadh aig a' Mhòd air an 17mh là den Dàmhair.

Feumaidh na sgeulachdan uile a bhith sa Ghàidhlig, agus chan fhaod iad a bhith air am foillseachadh roimhe, no a' feitheamh ri foillseachadh clò no air an eadar-lìon.

Inbhich is Àrd-sgoilearan

Ma tha sibh nur n-inbheach no san àrd-sgoil, tha cead agaibh dà sgeulachd suas gu 5,000 facal a chuir thugainn. Gheibh an neach a bhuaineachas laptop, agus an fheadhainn a thig san dàrna 's an treas àite eàrlaisean leabhar.

Thèid an ìre seo a mheas ann an dà roinn - Inbhich, agus Àrd-sgoilearan.

'S e ceann-là na h-ìre seo 31mh den Lùnastal.

Muinntir nam Bun-sgoiltean

Ma tha sibh sa bhun-sgoil, tha cead agaibh dà sgeulachd a chuir thugainn, suas gu 1,000 facal. 'S e na duaisean airson na roinne seo cluicheadair MP3, agus earlaisean leabhar don fheadhainn san dàrna 's an treas àite.

Thèid an ìre seo a mheas ann an dà roinn cuideachd - aois 5-7 agus aois 8-12.

'S e ceann-là na h-ìre seo 21mh là den t-Sultainn.

Cuiribh na sgeulachdan agaibh dha Sgrìobh Sgeulachd, BBC Radio nan Gaidheal; 7 Rathad Chùil Duthail; Inbhir Nis; IV2 4AD no dhanl a phost-d a leanas: sgeulachd@bbc.co.uk

'S iad na britheamhan Dòmhnall Iain MacLeòid, Nan NicLeòid agus Teàrlach Quinnell.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh agus riaghailtean na farpais bho làrach-lìn Chraoladh nan Gàidheal: bbc.co.uk/alba

Ma 'se is nach do thog sibh peann riamh, seo an t-àm fheuchainn.

Siuthadaibh: Sgrìobh Sgeulachd!


RELATED BBC LINKS



FEATURES, VIEWS, ANALYSIS
A unique exercise - how to dismantle a nuclear bomb
Why judge drama failed to ignite at Senate hearing
What made tycoon Trump so unhappy this week?

PRODUCTS & SERVICES

Americas Africa Europe Middle East South Asia Asia Pacific